Gàidhlig
|
Fàilte gu làrach-lìn Lìonra nan Sgoiltean!! Is e lìonra de sgoiltean ioma-chànanach a tha ann an Lìonra nan Sgoiltean ann an sgìrean mhion-chànanan san Roinn Eòrpa. Tha an lìonra a’ solarachadh àrd-ùrlar airson a bhith ag iomlaid fiosrachaidh am measg luchd-cleachdaidh foghlaim. Tha na sgoiltean aig a bheil ballrachd stèidhichte ann an ceàrnaidhean den Roinn Eòrpa far a bheil am mion-chànan air a chleachdadh ri taobh a’ chànain nàiseanta. Bidh na sgoiltean a’ cleachdadh a’ mhion-chànain nan obair teagaisg làitheil. Tha Lìonra nan Sgoiltean airson ceanglaichean a bhrosnachadh eadar na diofar sgoiltean aig a bheil ballrachd agus nan sgoilearan aca agus airson co-obrachadh air co-phròiseactan a chur air adhart gus an ionnsaich iad gu dìreach bho chèile.
|